Tachartasan ann an 2025
Faigh a-mach mu na h-òrain Ghàidhlig Dhùn Èideann bhon chuirm-chiùil shònraichte againn airson Latha Naomh Anndrais, ann an cuideachd Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh
Faigh blasad de na thachair aig an tachartas coimhearsnachd againn Cruinn Còmhla air 15 Samhain. Agus cùm sùil a-mach airson barrachd thachartasan ‘Cruinn Còmhla’ ann an 2026!
Air 22 Ògmhios, chuir sinn criòch air an t-sreath thachartasan ‘Gàidhlig ann an Dùn Èideann: an-dè, an-diugh agus a-màireach’ airson Edinburgh 900, le cuairt coiseachd timcheall air Dùn Èideann nan Gàidheal.
Chùm sinn dà latha bogaidh soirbheachail eile anns a’ Ghiblean agus anns an Ògmhios. Tuilleadh fiosrachaidh an seo.
‘Gàidhlig ann an Dùn Èideann: an-dè, an-diugh agus a-màireach‘: airson Edinburgh 900 chùm sinn sreath thachartasan a rinn sgrùdadh air dùthchas Gàidhlig Dhùn Èideann. Thoiribh sùil air an seo.
Tasglann nan tachartasan
Airson an dàrna bliadhna, chuir sinn Ionad Pop Up air dòigh airson Seachdain na Gàidhlig ann an 2025, a’ toirt còmhla daoine bho air feadh na coimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann.
Chùm sinn dà latha bogaidh soirbheachail anns an Fhaoillich agus anns a’ Ghearran. Tuilleadh fiosrachaidh an seo.
Tachartasan an Ionaid gu ruige seo ann an 2024.
Air 1 Dùbhlachd ghabh sinn cuairt ann an seann bhaile Dhùn Èideann gus sùil a thoirt air cuid de na làraichean cudromach anns a’ bhaile a tha co-cheangailte ris na Gàidheil agus ris a’ Ghàidhlig.
Latha Mòr na Gàidhlig: air 15 Ògmhios thàinig coimhearsnachd na Gàidhlig còmhla airson a’ chiad Latha Mòr na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Mòran taing dhan a h-uile duine a thàinig ‘s a chuidich!
Latha Dhonnchaidh Bhàin: Faigh fios air na rinn sinn gus 300 bliadhna bhon a rugadh am bàrd cliùiteach Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir a chomharrachadh.
IONAD POP UP: Thug sinn coimhearsnachd na Gàidhlig còmhla ann an Seachdain na Gàidhlig airson Ionad Pop Up.











