Cruinn Còmhla

[English version]

Chaidh an ceathramh latha coimhearsnachd CRUINN CÒMHLA a chumail air Disathairne 9 Cèitean ann an Newhaven. Mar a thachair aig na tachartastan eile, thàinig daoine bho choimhearsnachd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann (agus sgìrean eile san dùthaich) còmhla rinn gus pàirt a ghabhail ann an sreath de ghnìomhachdan Gàidhlig – clasaichean Gàidhlig agus ealain do chloinn, buidhnean leughaigh agus ceòl tràidiseanta, buidhnean còmhraidh agus seinn còmhla, bàrdachd agus eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Mòran taing dhaibhsan a thàinig agus a rinn hank you to everyone who came along and made the day so special – agus dha na saor-thoilich dìcheallach agus innleachdach againn a chùm a h-uile rud a’ dol!

B’ e aon de na prìomh amasan a bh’ againn is sinn a’ cur nan làithean coimhearsnachd seo air dòigh feadhainn de na dòighean a thaisbeanadh anns am faodadh a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann obrachadh còmhla gus àite a chruthachadh airson na Gàidhlig sa bhaile – mar a dh’ fhaodadh Ionad Gàidhlig a dhèanamh san àm ri teachd. B’ e dùbhlan mòr a bh’ ann ach thairis air na ceithir tachartasan fhuair sinn taic bho iomadh bhuidheann agus neach fa leth a chuidich gus am pròiseact seo thoirt gu buil. Taing mhòr dhaibh uile!

Comhairle nan Leabhraichean, Fèis Dhùn Èideann, Capital Gaelic, Eaglais nam Manach Liath, Cròileagan Dhùn Èideann, Catrìona NicNeacail agus Seinnidh Sinn, Buidheann Leughaidh u3a, Niall Macgriogair, Comhairle Baile Dhùn Èideann, Comunn na Gàidhlig, Comann nam Pàrant, Loithigh Dhùn Èideann, Sgoil Eòlais na h-Alba, Màiri NicAonghais, Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig, Pàrlamaid na h-Alba, Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Ainmean-Àite na h-Alba, Cùm Alba Bòidheach, Còisir Dhùn Èideann, An Lòchran, Max Fry agus Marcas Mac an Tuairneir.

Bha sinn cuideachd fortanach gun robh taic iomhais againn airson na tachartasan Cruinn Còmhla a ruith bhon mhaoin Taic Freumhan Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig.

Bha na tachartasan seo uile nan ceum air an t-slighe gu Ionad Gàidhlig stèidhichte ann an Dùn Èideann. Chan urrainn dhuinn dad a dhèanamh às aonais taic leantainneach coimhearsnachd na Gàidhlig ge-tà. An tig sibh còmhla rinn mar bhall, no am b’ urrainn dhuibh cuideachadh a thoirt dhuinn ann a bhith a’ toirt an iomairt air adhart, no a bheil sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu na tha sinn a’ dèanamh anns a’ chuairt-litir againn?

Air a mhaoineachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig