Chuala sinn òraid anabarrach inntinneach mu ainmean-àite co-cheangailte ri aibhnichean, uillt agus sruthan leis an Dr Jake King aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air Disathairne 19 Sultain. ’S e Jake an neach-rannsachaidh aig Ainmean-àite na h-Alba, a’ bhuidheann nàiseanta leis an dleastanas cruthan ainmean-àite Ghàidhlig a stèidheachadh agus fhoillseachadh.

Bha an tachartas seo co-cheangailte ris a’ chompàirteachas leantainneach againn leis an Leabharlann Nàiseanta. An-uiridh, bha ceithir tachartasan soirbheachail againn aig an NLS an lùib Edinburgh 900, a’ comharrachadh 900 bliadhna on a chaidh Dùn Èideann a stèidheachadh mar bhorgh, agus dh’fhoillsich sinn leabhar bho chionn ghoirid stèidhichte orra, A’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann tro na Linntean. Tha an leabhar a’ gabhail a-steach caibideil leis an Dr King air ainmean-àite Gàidhlig timcheall air Dùn Èideann.
Taing mhòr do Jake airson òraid bhrìoghmhor agus do sgioba an Leabharlainn airson a h-uile rud a chur air dòigh!
