Cuairt threòirichte air Caisteal Dhùn Èideann

Fhuair sinn cuairt threòirichte anabarrach inntinneach air Caisteal Dhùn Èideann le Caitlin Andrew, Oifigear Adhartachaidh na Gàidhlig aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba, air latha foghair fìor ghaothach, Disathairne 12 Sultain.

Thug Caitlin an t-uabhas fiosrachaidh dhuinn mu eachdraidh a’ Chaisteil thar nan linntean, a’ gabhail a-steach sgeulachdan mu na Gàidheil a bha nan saighdearan agus nam prìosanaich ann. Taing mhòr mhòr a Chaitlin!