Ga cleachdadh no ga call: dè cho cudromachd ‘s a tha na meadhanan Gàidhlig?

[English version]

Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2026 ann an Dùn Èideann, fhuair sinn a-mach mu na meadhanan didseatach agus craoladh Gàidhlig tro na ginealaichean, mu mar a tha na meadhanan Gàidhlig air atharrachadh thar nam bliadhnaichean, mun t-suidheachadh san latha an-diugh, agus mu na tha air fàire airson nam meadhanan, aig tachartas sònraichte aig Leabharlan Nàiseanta na h-Alba air 26 Gearran.

A’ tarraing air cuspair Seachdain na Gàidhlig, ‘Cleachd i, no Caill i’, chuala sinn bho shàr-eòlaichean Mata MacÌomhair, Cathy NicDhòmhnaill agus Calum MacIlleathain, a bha a’ riochdachadh diofar ghinealaichean de chraoladh Gàidhlig, mu na beachdan aca air na ceistean: ciamar a tha na meadhanan Gàidhlig air a bhith a’ riochdachadh agus a’ taiceachadh na coimhearsnachd Ghàidhlig, agus ciamar as urrainn dha na meadhanan cur ri bhith a’ cumail cleachdadh na Gàidhlig san àm ri teachd? Ciamar a ‘chleachdas’ sinn i gus nach ‘caill’ sinn i?

Thòisich an deasbad le sealladh farsaing air an leudachadh mhòr a thàinig air craoladh sa Ghàidhlig às dèidh Achd Craolaidh 1990, a’ gluasad bho àireamh bheag de dh’uairean a thìde de chraoladh sa Ghàidhlig gach seachdain, gu sianal Gàidhlig suaicheanta – BBC Alba – a bhios a’ cruthachadh ceudan de dh’uairean a thìde de shusbaint gach bliadhna. B’ e ceum mòr air adhart a bha sin – agus ris nach robh an dùil anns na 1990an – ach aig an aon àm cha tug e na buannachdan do luchd-labhairt na Gàidhlig agus coimhearsnachdan Gàidhlig a bhathar an dòchas a thigeadh mar thoradh air na leasachaidhean seo. Mar eisimpleir, is tric a bhios prògraman air an dèanamh ann an Glaschu seach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, agus chan eil Gàidhlig aig mòran a tha ag obair san roinn, mura h-eil iad air beulaibh a’ chamara.

Feumar cuideachd co-chothrom fhaighinn eadar Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd a sgaoileadh air na meadhanan, agus luchd-labhairt ùra agus luchd-labhairt a tha a’ faireachdainn, airson adhbhar air choireigin, nach eil an cuid Gàidhlig math gu leòr, a thoirt a-steach do chraoladh. Tha com-pàirtichean on taobh a-muigh de gach seòrsa air a bhith nam pàirt do-sheachnaichte de leasachadh craolaidh sa Ghàidhlig, agus cha b’ urrainnear an obair sin a choileanadh às an aonais.

Chaidh aithneachadh gu bheil am BBC air a bhith aig cridhe leasachadh craoladh na Gàidhlig, agus chaidh cudrom a leigeil air a chom-pàirt leantainneach. Cha bhi luchd-labhairt òga na Gàidhlig an-còmhnaidh a’ tionndadh gu na craoladairean traidiseanta is iad a’ cleachdadh nam meadhanan, ach is tric a bhios cothroman do dhaoine òga airson pàirt a ghabhail ann am prògraman tbh agus rèidio Gàidhlig mar dhòigh air an ceangal ris a’ chànan a dhaingneachadh, agus chithear agus cluinnear mòran luchd-labhairt òga ann an craoladh Gàidhlig.

Chuir seisean C&F beòthail crìoch air an tachartas, le ceistean a’ suathadh air cuspairean leithid: Gàidhlig agus ath-nuadhachadh Cairt a’ BhBC, casg air daoine fo aois 16 air na meadhanan-sòisealta, modalan a tha gan cleachdadh airson craoladh Cuimris is Gàidhlig, agus dè cho tarraingeach do luchd-labhairt òga ’s a tha susbaint BBC Alba.

Agus dè thàinig às an deasbad? Tha fhathast feum air craoladairean proifeiseanta gus fiosrachadh, dibhearsain agus foghlam a thoirt seachad anns a’ Ghàidhlig, ach tha e cuideachd riatanach gun tèid luchd-labhairt na Gàidhlig an sàs ann am meadhanan ùra agus susbaint Gàidhlig a chruthachadh agus a sgaoileadh.

Air a thoirt thugaibh le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, Capital Gaelic, Oilthigh Dhùn Èideann agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Air a mhaoineachadh le Seachdain na Gàidhlig tro Mhaoin nan Tabhartas Beag, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig