Naidheachdan / News

  • Leabhar ùr mun Ghàidhlig an Dùn Èideann

    BBC Naidheachdan | 31 Lùnastal, 2026 Thèid leabhar ùr fhoillseachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba bho na Meadhan Aoisean chun an là an-diugh. ‘S e ‘A’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann’ an t-ainm a th’ air an leabhar – a th’ air fhoillseachadh le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann agus a…

    Leugh barrachd

  • Edinburgh Evening News | May 09, 2026 Plans to develop a permanent Gaelic hub in the Capital are the focus of an event taking place at Heart of Newhaven community centre this weekend. Community group Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann is holding a Gaelic community day tomorrow, from 10am-4pm, as part of its initiative to create a gathering…

    Leugh barrachd

  • Gaelic community day at Heart of Newhaven

    Edinburgh community group Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann will be holding a Gaelic community day on Saturday 9th May at the Heart of Newhaven community centre as part of the initiative to develop a Gaelic hub in Edinburgh as a gathering place for Gaelic speakers, learners and supporters. Wilson McLeod, the group’s chair, said: ‘Over 10,000…

    Leugh barrachd

  • Ceum air adhart do dh’ionad Gàidhlig ann an Dùn Eideann

    Fhuair a’ bhuidheann coimhearsnachd air cùl na h-iomairt ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann taic-airgid a leigeas leis an oifigear leasachaidh aca barrachd obrach a dhèanamh, am measg eile. Thug Bòrd na Gàidhlig £84,000 gu Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann mar phàirt de sgeama nan Oifigearan Gàidhlig aca. Thèid uairean an oifigeir leasachaidh, Sarah…

    Leugh barrachd

  • Spotlight on Gaelic education in Edinburgh – event this weekend

    The successes and challenges of Gaelic-medium education (GME)  in Edinburgh will come under the spotlight at a discussion organised by the Gaelic community group Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann. GME has grown impressively since it began in 1988 and today more than 700 children are enrolled at the city’s dedicated Gaelic primary school, Bun-sgoil Taobh na…

    Leugh barrachd

  • The Gaelic community organisation Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann has published the results of its survey about the possible benefits of a Gaelic Hub for Edinburgh. This would be a social and cultural space where Gaelic speakers and learners in Edinburgh could come together for different kinds of Gaelic activities and events.  The body says that the…

    Leugh barrachd

  • Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann

    Tha sgrùdadh ùr a’ dèanamh dheth gu bheil taic mhòr ann an Dùn Èideann airson ionad coimhearsnachd Gàidhlig sa bhaile. Tha seo na adhbhar mhisneachd dhaibhsan a tha airson a leithid a steidheachadh, mar a tha Calum MacIllinnein a-nise ag aithris. Bhidio a’ BhBC

    Leugh barrachd

  • Taic ‘làidir’ ‘son ionad coimhearsnachd Gàidhlig an Dùn Èideann

    Tha taic ‘làidir’ ann airson ionad coimhearsnachd Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann. Sin a rèir na buidhne Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, ‘s iad air toraidhean fhoillseachadh bho shuirbhidh a bha iad a’ ruith eadar an t-Ògmhios agus an t-Sultain am-bliadhna. Dh’innis 85.4% de dhaoine a ghabh pàirt anns an t-suirbhidh gum biodh ionad…

    Leugh barrachd

  • Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann “a rèir miann an t-sluaigh”

    Tha an fheadhainn a tha air cùl plana gus ionad Gàidhlig a stèidheachadh an Dùn Èideann ag ràdh gu bheil na bhiodh ann gu mòr a rèir miann an t-sluaigh. Thathas a’ sireadh bheachdan mun chùis an-dràsta is suirbhidh coimhearsnachd gus dùnadh an ath-sheachdain. Nochd planaichean airson ionad a bhiodh na dhachaigh is na àite-cruinneachaidh…

    Leugh barrachd

  • Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir is the latest addition to Makars’ Court

    Lauded Scottish Gaelic poet Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (anglicised as Duncan Ban Macintyre) has had an inscribed flagstone unveiled at Makars’ Court in Edinburgh.

    Leugh barrachd

Leabhar ùr mun Ghàidhlig an Dùn Èideann

Thèid leabhar ùr fhoillseachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba bho na Meadhan Aoisean chun an là an-diugh.

‘S e ‘A’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann’ an t-ainm a th’ air an leabhar – a th’ air fhoillseachadh le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann agus a tha sgrìobhte sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Ann an ceithir caibidealan, thathar a’ coimhead air eachdraidh agus deamografaidh na Gàidhlig agus nan Gàidheal sa bhaile, ainmean-àite, sgrìobhadairean agus litreachas Gàidhlig co-cheangailte ri Dùn Èideann, agus leasachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhaile.

Tha an leabhar stèidhichte air ceithir tachartasan a bh’ air an cumail aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba nuair a bha 900 bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh Dùn Èideann a stèidheachadh mar bhorgh.

Thèid a chur aig chois air Dimàirt an 8mh den t-Sultain, ann an Ionad Bayes aig Oilthigh Dhùn Èideann.

‘S e Wilson MacLeòid cathraiche na buidhne agus ‘s e cuideachd a dheasaich an leabhar.

Thuirt e: “Tha mòran dhaoine ann an Dùn Èideann nach eil mothachail air eachdraidh na Gàidhlig sa bhaile no air suidheachadh a’ chànain ann san là an-diugh.

“Ro thric, cluinnidh thu nach robh Gàidhlig riamh ga cleachdadh an seo.

“Bha sinn a’ faireachdainn gun robh e cudromach am beachd sin a cheartachadh agus tha an leabhar seo a’ toirt sealladh air na chuir na Gàidheil ri Dùn Èideann thar nan linntinn agus an t-àite a th’ aig a’ bhaile ann an cultar na Gàidhlig.”

Thàinig àrdachadh de 47% air luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Dùn Èideann eadar 2011 agus 2022.

A thuilleadh air a sin, dh’èirich an àireamh de dhaoine anns a’ bhaile a thuirt gu bheil comas air choireigin aca Gàidhlig a bhruidhinn, a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn 75%.

Tha FtMG air a bhith ga thabhann sa bhaile bho 1988 agus tha còrr is 700 sgoilear clàraichte air a shon.