Air Disathairne 25 Giblean thàinig sinn còmhla aig an Leabharlann Nàiseanta airson prògram de fhilmichean goirid ann an Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann, leis an film Le Chèile, leis an fhilmeadair Róise Nic an Bheatha à Dùn Èideann, aig a chridhe. Bha na filmichean uile, ann an dòighean eadar-dhealaichte, a’ dèiligeadh ris a’ chuspair ‘còmhlachas’ agus mar a tha sinn ceangailte ri chèile, gu sònraichte tro chànan.

Thòisich am prògram le sgrìneadh den rap Ghàidhlig/Gaeilge ùr-ghnàthach ‘Meas Mór’, a rinneadh le buidheann de sgoilearan à Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an co-bhonn le luchd-labhairt òga na Gaeilge à Corcaigh agus a choisinn cliù ann an 2025. Chaidh am pròiseact a stiùireadh leis a’ buidheann ealain à Dùn Èideann The Tinderbox Collective agus tha an rap a’ cluich leis na h-ionnanachdan agus na h-eadar-dhealachaidhean eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Ghaeilge, is e a’ comharrachadh a’ cheangail eadar cànan, cultar agus càirdeas. Chuala sinn bho luchd-ciùil òga a ghabh pàirt ann mu cho mòr ’s a chòrd e riutha a bhith a’ seinn is a’ danns airson a’ chlàraidh, a’ faighinn a-mach mun dlùth-dhàimh eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Ghaeilge, agus mu na planaichean a th’ aca gus cumail a’ dol le ceòl rap anns a’ Ghàidhlig.


Anns an fhilm Le Chéile, a’ chiad film goirid ann an Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann, chaidh sinn air sgrìob ann an cuideachd neach-leantainn Rangers à Alba, aig a bheil Gàidhlig, agus neach-leantainn Celtic à Èirinn, aig a bheil Gaeilge, is iad a’ siubhal dhachaigh còmhla air a’ bhus às dèidh geama. Ged a tha iad amharasach aig an toiseach, tha iad a’ lorg coitcheannas ris nach robh dùil air sgàth an dualchais chànain cho-roinnte aca. Chaidh am film – a choisinn grunn dhuaisean aig fèisean air feadh an t-saoghail – fhoillseachadh ann an 2024, ach b’ e seo a’ chiad chothrom do luchd-amhairc ann an Dùn Èideann fhaicinn. Chìthear an trailer an seo.

Às dèidh an sgrìnidh, bhruidhinn am bàrd Gàidhlig, Babs NicGriogair, ri Róise mun phròiseact fhilmidh, mar a chaidh gabhail ris ann an Alba agus ann an àiteachan eile, agus mu na planaichean aice airson an ama ri teachd – agus cuideachd mu cho doirbh ’s a bha e bus dearg a lorg airson an fhilmidh!

Thàinig am prògram gu crìch le taisbeanadh de fhilm eile aig Róise, A’ Cluich, a bhuannaich Comadaidh as Fheàrr & Sàr-dhuais Theicnigeach aig FilmG ann an 2025 – agus a dh’innis sgeulachd eile mu ‘còmhlachas’ is dithis neach-ciùil a’ farpais an aghaidh a chèile airson a’ phrìomh àite air sràid ann an Dùn Èideann.
Mòran taing do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson na taic fhialaidh a thug iad don tachartas seo.

