Bùth-obrach còmhla ri Ross Christie: A’ Ghàidhlig agus a’ Mhòinteach

[English version]

Dimàirt 24 Samhain 2026, 19:00 – 20:30, Grace Church, 3 Shrubhill Walk, Dùn Èideann EH7 4RB

Tha mu dhà mhillean heactair de thalamh-mòintich ann an Alba. Nuair a tha a’ mhòinteach ann an deagh chor, tha i na cuideachadh mòr dhuinn nar beathannan. Tha i a’ lùghdachadh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde le bhith a’ tasgadh carbon, a’ toirt uisge glan dhuinn agus ag ìsleachadh cunnart thuiltean. Tha a’ mhòinteach cuideachd na teàrmann sònraichte dha fiadh-bheatha, agus tha i cudromach dha tuathanasachd, croitearachd, cur-seachadan ’s turasachd.


Tha beartas cànain ’s dualchais dlùth-cheangailte ris na h-àiteachan prìseil seo. Thig an cuideachd Ross Christie a rùrachd ainmean ’s briathrachas dha feartan-tìre, lusan ’s beathaichean a’ mhòintich, agus sùil a thoirt air a dìleab chultarach.

Tha an tachartas seo saor an-asgaidh agus chan fheum sibh tiocaid a ghlèidheadh. Tha e seo na chom-pàirteachas eadar Peatland ACTION, NàdarAlba agus Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann.
Tuilleadh fios: gaelic@nature.scot