Leabhar ùr – A’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann Tro na Linntean

[English version]

Tha an leabhar ùr againn A’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann Tro na Linntean / Gaelic in Edinburgh Through the Centuries ri fhaighinn a-nis – sealladh air àite na Gàidhlig ann an Dùn Èideann bho na Meadhan Aoisean chun an latha an-diugh, a’ coimhead air eachdraidh, sluagh-eòlas, ainmean-àite, litreachas agus foghlam.

Tha an leabhar bonntaichte air ceithir tachartasan a chuir sinn air dòigh aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an 2025, mar phàirt de Edinburgh 900, comharrachadh 900 bliadhna on a stèidhicheadh Dhùn Èideann. Bha sinn ga mheas cudromach gum biodh a’ Ghàidhlig agus na Gàidheil a’ faighinn aithneachadh iomchaidh an lùib sgeul Dhùn Èideann.

Clàr-innse

Ro-ràdh
Introduction

A’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann: eachdraidh agus sluagh-eòlas
Gaelic in Edinburgh: history and demography (English summary)
Wilson McLeod agus Rob Dunbar

Gaelic Place-names around Edinburgh
Jake King

Cuairt Bheag tro Bhaile Dhùn Èideann ann an Litreachas na Gàidhlig
A Walk through Edinburgh in Gaelic Literature (English summary)
Michel Byrne

The growth of Gaelic education in Edinburgh
Donna MacIver, Karen Reid, Mona Wilson and Matthew MacIver

128 tdd.

Prìs £7 (+ £2.50 P&P anns an Rìoghachd Aonaichte)

Òrdain no ceistean: ionaddhuneideann@gmail.com