Latha Dhonnchaidh Bhàin

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir @ 300

[English version]

Air 20 Màrt 2024 chomharraich sinn an 300mh co-là breith aig an t-sàr bhàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, aig an robh ceangal làidir ri Dùn Èideann. Chuir sinn trì tachartasan air dòigh gus bàrdachd agus òrain Dhonnchaidh Bhàin a thaisbeanadh agus coimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann a thoirt còmhla ann an dòighean eadar-dhealaichte.

Leac do Dhonnchadh Bàn ann am Makars’ Court

An toiseach, chaidh leac ùr le faclan Dhonnchaidh Bhàin (earrann bhon òran ainmeil ‘Cumha Coire Cheathaich’) fhoillseachadh aig Makars’ Court ann an Seann Bhaile Dhùn Èideann. Chuala sinn òraidean goirid bhon Chomhairliche Val Walker (Cathraiche Comataidh Cultair agus Choimhearsnachdan aig Comhairle Dhùn Èideann), an Dr Anja Gunderloch (Oilthigh Dhùn Èideann) agus ar cathraiche, Wilson McLeod, òrain bhon t-seinneadair chliùiteach Màiri Anna Nic Ualraig agus ceòl na pìoba bho Anndra Mac an t-Saoir, fear de shliochd a’ bhàird. Bha mu 50 duine an làthair, le riochdairean bho Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbuig, Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, Creative Edinburgh, Clan MacIntyre Society, Highland Society of London agus buidhnean eile.

Leughadh bhàrdachd: Leabharlann Bàrdachd na h-Alba

An uair sin, bha leughadh bàrdachd againn ann an Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, leis a’ bhàrd agus nobhailiche Màrtainn Mac an t-Saoir, a’ bhàrd Marcas Mac an Tuairneir agus an Dr Anja Gunderloch. Anns a’ chathair bha an Dr Pàdraig MacAoidh (Oilthigh Cill Rìmhinn, agus ball den chomataidh againn). Bha an seòmar làn, le mu 40 duine an làthair.

Cuirm-chiùil: Ionad na Sgeulachdan

Mu dheireadh, bha cuirm-ciùil shònraichte againn ann an Ionad nan Sgeulachdan, leis na seinneadairean Màiri Anna Nic Ualraig agus Gillebride Mac a’ Mhaoilein, a’ phìobaire Ailean Dòmhnallach agus triùir bhall de Chòisir Ghàidhlig Lodainn (Marcas Mac an Tuairner, Jennifer Speirs agus Julie NicPhaidein. B’ e Pàdraig MacAoidh fear an taighe.

A-rithist bha taigh làn againn, agus a h-uile ticead air a reic.

Cuideachd bha taisbeanadh ann le Tom Astbury a bha air dealbhan a thogail de sgìrean co-cheangailte ri Donnchadh Bàn (Gleann Urchaidh agus Gleann Lòchaidh).

Latha sònraichte airson urram a thoirt do shàr-bhàrd Ghleann Urchaidh agus Dhùn Èideann!

Le taing do Graham Barnes, Tom Astbury agus Marcas Mac an Tuairneir airson nan dealbhan.