Chuir sinn an leabhar ùr againn A’ Ghàidhlig ann an Dùn Èideann tro na Linntean air bhog air Dimàirt 8 Sultain aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Chuala sinn mu eachdraidh, foghlam, ainmean-àite agus litreachas bho na h-ùghdaran agus com-pàirtichean (Wilson McLeod, Rob Dunbar, Mata MacÌomhair, Karen Reid, Jake King agus Michel Byrne) agus sheinn Tawana Maramba òrain Ghàidhlig co-cheangailte ri Dùn Èideann. Taing mhòr dhan a h-uile duine a thàinig dhan tachartas agus gu h-àraidh do Mhàiri Britton, Oifigear Gàidhlig an Oilthigh.

Tha an leabhar ri fhaighinn bhon làrach-lìn againn agus bho Chomhairle nan Leabhraichean.

