Làithean Bogaidh

[English version]

Às dèidh dà latha bogaidh soirbheachail na bu tràithe air a’ bhliadhna, tha sinn glè thoilichte a bhith a’ cumail dà latha eile anns a’ Ghiblean agus anns an Ògmhios.

Disathairne 26 Giblean • 1030 – 1500 

Bidh an clas seo aig ìre Iar-thòiseachaidh (Post Beginners). Bidh e freagarrach do dh’oileanaich aig a bheil tuigse bhunaiteach air gràmar na Gàidhlig, as urrainn còmhradh sìmplidh a chumail agus a tha deònach Gàidhlig a bhruidhinn.

Taoitear: Andrew Gourlay

Disathairne 21 Ògmhios • 1030 – 1500

Bidh an clas seo aig ìre Eadar-mheadhanach. Bidh e freagarrach do dh’oileanaich a tha air grunn chlasaichean Gàidhlig a dhèanamh, agus a tha ag obair gus a bhith nas misneachaile anns na sgilean còmhraidh aca.

Taoitear: Ann Paterson

Thèid clasaichean a chumail aig an Leabharlann Morningside, 178-182 Rathad Morningside, Dùn Èideann EH10 4PU

Duilleag aig Comhairle Baile Dhùn Èideann airson Leabharlann Morningside

£25 (£20) – a’ gabhail a-steach lòn.

Airson barrachd fiosrachaidh agus àite a ghlèidheadh: ionaddhuneideann@gmail.com