
Air Disathairne 31 Dàmhair bha an t-ùghdar Murchadh MacLeòid còmhla rinn ag innse dhuinn mun leabhar-là Gàidhlig aige Mi Fhìn is Mo Shaoghal – iomchaidh dhan dà chuid fileantaich agus luchd-ionnsachaidh – a tha a’ gabhail a-steach sheanfhaclan airson gach latha den bhliadha, iomraidhean air na thachair air gach latha ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, abairtean feumail a bheir togail, agus rùm gu leòr airson nan nòtaichean agaibh fhèin. Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh agus airson an leabhar-là a cheannach.
Na tha a-staigh:
- seanfhaclan Gàidhlig airson gach latha den bhliadhna, air an tarraing bhon chruinneachadh chlasaigeach aig Mac an Tòisich agus MacNeacail
- iomraidhean làitheil “Air an Latha An-diugh”: cinn-latha cudromach ann an eachdraidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach cinn-latha co-cheangailte ri litreachas Gàidhlig, bàird, seinneadairean agus luchd-cruinneachaidh dualchais
- Ainmean Gàidhlig airson gach latha agus mìos, le eadar-theangachaidhean gu grunn chànanan eile – a’ gabhail a-steach a h-uile cànan Ceilteach – a tha na ghoireas feumail ri làimh gach latha
- Abairtean feumail sa Ghàidhlig a bheir togail gach latha, oir tha an cànan freagarrach airson aoibhneis a bharrachd air caoidh
- Obair-ealain le snaidhm Cheilteach air feadh an leabhair
- Àite airson ur smuaintean, prìomhachasan agus meòrachadh a sgrìobhadh sìos ri taobh leughadh an latha
- Fiosrachadh mu luchd-iomairt Gàidhlig ainmeil agus luchd-craolaidh Gàidhlig

Freagarrach airson
- Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha ag iarraidh Gàidhlig a thoirt a-steach dhan bheatha làitheil
- Luchd-labhairt a tha a’ caitheamh na bliadhna aca tro mheadhan na Gàidhlig
- Oileanaich, tidsearan agus teaghlaichean ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
- Duine sam bith aig a bheil gaol air cultar na h-Alba, beul-aithris agus a’ Ghàidhlig
- Leughadairean a tha a’ sireadh bliadhna làn cànain, dualchais agus meòrachaidh
Carson a chòrdadh e ribh:
Nas coltaiche ri almanac na ri leabhar-latha, tha seo na chompanach fad na bliadhna sa Ghàidhlig: seanfhacal ri chumail nad inntinn, pìosan eachdraidh ri chomharrachadh, agus abairtean air am faodar meòrachadh gach latha. Air a sgrìobhadh agus air a chur ri chèile le neach-labhairt dùthchasach, le clò-sgrìobhadh soilleir agus obair-snaidhm bhrèagha, bidh e gad chumail ceangailte ris a’ chànan agus ri dualchas fad na bliadhna.

