Ùghdar Tim Armstrong a’ bruidhinn mun nobhail ùr aige “An Luingeas Dorcha air Fàire”

[English version]

Air oidhche Chiadain 18 Samhain fhuair sinn sàr chothrom an t-ùghdar Tim Armstrong a chluinntinn, anns an àrainneachd thìorail den Writing Room aig an Teviot Union, a’ bruidhinn mun nobhail ùr aige, An Luingeas Dorcha air Fàire, a choisinn an duais ‘Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh’Inbhich’ aig na Duaisean Litreachais 2025.

Am measg iomadh cuspair agus ceist inntinneach bhon èisteachd, chuala sinn mu dheidhinn eachdraidh agus atharrachaidhean anns an fhicsean-saidheans sa Ghàidhlig, mun phròiseas sgrìobhaidh aig Tim thar nam bliadhnaichean, agus mu na taghaidhean cànanach a rinn e san leabhar. Tha an leabhar ri cheannach, agus tha tuilleadh fiosrachaidh mun sgeulachd, an seo.

Bhruidhinn Tim cuideachd mu leabhar gu tur eadar-dhealaichte a sgrìobh e, “Às na Freumhan: Eachdraidh air Iomairt na Sgoileadh Gàidhlig ann an Dùn Èideann 1998-2011”, leabhar cudromach don fheadhainn le ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile.