Ga cleachdadh no ga call: dè cho cudromachd ‘s a tha na meadhanan Gàidhlig?

[English version]

Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2026 ann an Dùn Èideann, faigh a-mach mu na meadhanan didseatach agus craoladh Gàidhlig tro na ginealaichean. Ann an cuideachd nan craoladairean Gàidhlig, Mata MacÌomhair, Cathy NicDhòmhnaill agus Calum MacIlleathain, bidh sinn a’ beachdachadh air leudachadh craoladh Gàidhlig anns na 1990an, gu cur air bhog BBC Alba, gu na ceanglaichean didseatach ann an saoghal an latha an-diugh.

Ciamar a tha na meadhanan Gàidhlig a’ riochdachadh agus a’ taiceachadh na coimhearsnachd Ghàidhlig, agus ciamar as urrainn dha na meadhanan cur ri bhith a’ cumail cleachdadh na Gàidhlig san àm ri teachd? Am bu chòir dhuinn fhàgail aig na craoladairean proifeiseanta fiosrachadh, dibhearsain agus foghlam a thoirt seachad anns a’ Ghàidhlig, no am feum sinn fhìn a dhol an sàs ann cuideachd?

A’ tarraing air cuspair Seachdain na Gàidhlig, ‘Cleachd i, no Caill i’, bidh luchd nam meadhanan Gàidhlig a tha a’ riochdachadh diofar ghinealaichean den roinn shìor-chaochlaideach seo a’ toirt seachad an cuid bharailean air na ceistean seo. Ciamar a ‘chleachdas’ sinn i gus nach ‘caill’ sinn i?

Ga cleachdadh no ga call: dè cho cudromachd ‘s a tha na meadhanan Gàidhlig?:

Diardaoin 26 Gearran 2026 aig 5.30f aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Tiocaidean (tachartas an-asgaidh): https://www.nls.uk/whats-on/gaelic-media/

Air a thoirt thugaibh le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, Capital Gaelic, Oilthigh Dhùn Èideann agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Air a mhaoineachadh le Seachdain na Gàidhlig tro Mhaoin nan Tabhartas Beag, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig