Thigibh Cruinn Còmhla air Disathairne 9 Cèitean airson an latha coimhearsnachd mu dheireadh againn ann an 2025/26. Bidh fàilte chridheil air a h-uile duine, le gnìomhachdan airson gach aois agus gach ìre de dh’fhileantas.

An turas seo bidh sinn ann an àite ùr – ionad coimhearsnachd the Heart of Newhaven – mar a thachair nar tachartasan Cruinn Còmhla eile, bidh sinn a’ ruith chlasaichean Gàidhlig agus cuideachd gnìomhachdan spòrsail eile, agus cafaidh airson strùpag agus cabadaich.
Dhaibhsan aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig, no a tha gun Ghàidhlig idir, bidh sinn a’ cumail seisean inntrigidh don Ghàidhlig le faclan agus abairtean sìmplidh agus cuideachd a’ coimhead air litreachadh is fuaimneachadh sa Ghàidhlig. Cùm sùil a-mach cuideachd airson eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, seinn, gnìomhachdan do chloinn, leabhraichean agus tòrr a bharrachd.
Bidh prògram slàn a’ nochdadh ann am beagan làithean – cùm sùil a-mach air a shon.



Thigibh ann gus coinneachadh ri daoine bhon choimhearsnachd, gus Gàidhlig a bhruidhinn agus ionnsachadh, agus gus taic a chumail ris an iomairt airson Ionad Gàidhlig ann an Dùn Èideann!
Cruinn Còmhla · Disthairne 9 Cèitean 2026 10.00 – 16.00 · Ionad coimhearsnachd Heart of Newhaven, 4-6 Main Street, Dùn Èideann EH6 4HY
Air a mhaoineachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig


