Le Chéile

[English version]

Thigibh còmhla rinn air Disathairne 26 Giblean airson a’ chiad sgrìneadh ann an Dùn Èideann den fhilm ‘Le Chéile’ leis an fhilmeadair Róise Nic an Beatha.

Tha am film – a’ chiad film goirid ann an Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann, a choisinn grunn dhuaisean – a’ siubhal còmhla ri neach-leantainn Rangers à Alba agus neach-leantainn Celtic à Èirinn is iad a’ lorg coitcheannas ris nach robh dùil san dualchas chànain aca air a’ bhus dhachaigh. Thig an tachartas gu crìch le seisean C&F le Róise.

Bidh am prògram a’ gabhail a-steach cuideachd film den rap ùr-ghnàthach Gàidhlig/Gaeilge, ‘Meas Mór‘, le Kabin Crew x Tinderbox Collective, le seinn agus danns le luchd-chiùil òga (aois 9 – 12) à Dùn Èideann agus à Corcaigh. Cho math ri sin, bidh cothrom againn film goirid eile aig Róise fhaicinn, cuideachd air cuspair co-cheangailte ri ‘còmhlachas’.

Bidh fàilte romhaibh uile aig an tachartas shònraichte seo, a tha freagarrach do gach aois.

Le Chéile ǀ Together: Disathairne 25 Giblean @ 2f, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Tickets (tachartas an-asgaidh): https://www.nls.uk/whats-on/le-cheile/