Latha Mòr na Gàidhlig

[English version]

Air 15.06.24 chum sinn Latha Mòr na Gàidhlig – tachartas sònraichte a thug daoine bho air feadh na coimhearsnachd Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus Lodainn còmhla gus Ionad Gàidhlig a chruthachadh airson latha.

Bha ceòl, cofaidh is cèic ann, agus bùithtean obrach seinn, sgeulachdan, taisbeanaidhean air gràmar na Gàidhlig agus ainmean-àite Gàidhlig, tachartasan spòrsail do chloinn, Scrabble sa Ghàidhlig, Bookbug, Cinema Sgìre, leabhraichean, SpeakGaelic agus cothrom Gàidhlig a chleachdadh fad an latha! Bhruidhinn sinn cuideachd mu mhòr-ionadan Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba agus ciamar a chuidicheadh mòr-ionad coimhearsnachd Ghàidhlig Dùn Èideann. Chuir cèilidh sgoinneil crìoch air an latha shònraichte seo.

Taing mhòr!

Bu mhath leinn taing a thoirt don fheadhainn a chuidich sinn air Latha Mòr na Gàidhlig:

Capital Gaelic, Comunn na Gàidhlig, Oilthigh Dhùn Èideann, Comann nam Pàrant, Màrtainn Mac an t-Saoir, Catrìona Nic Neacaill, Niall MacGriogair, Comhairle nan Leabhraichean, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Iain Moireach, Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Kirsteen Mhoireach, Fèis Dhùn Èideann, Richard Ross, Mata Wright, Raonaid Alcorn, Laura Nic a’ Phearsain, an sgioba aig Àrd-sgoil Sheumais Gillesbuig, West Loch Ceilidh Band agus Amadan – agus dha na saor-thoilich uile a bha cho cudromach dhan latha.

Tha sinn cuideachd fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson an taic tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd gus an tachartas sgoinneil seo a chur air dòigh.

Ceumannan air adhart

Air Latha Mòr na Gàidhlig, chuir sinn air bhog cuideachd suirbhidh coimhearsnachd a bhios a’ ruith gu 16 Sultain 2024. Tha sinn airson ur beachdan fhaighinn air na buannachdan a dh’fhaodadh a bhith an lùib mòr-ionad Gàidhlig agus dè a tha daoine airson fhaicinn ann am mòr-ionad. Gabh pàirt an seo.

Tha e cudromach gum faigh sinn raon farsaing de fhreagairtean agus sinn a’ planadh nan ath cheumannan san iomairt seo.

Chan urrainn dhuinn an iomairt gus Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann a thoirt air adhart às ur n-aonais!

Bidh mise dol ann. Am bi sibhse?