15 Ògmhios 2024
Latha mòr de thachartasan Gàidhlig don choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann!
Ionad Pop Up: 10.00 – 16.00: Darroch, 7 Gillespie Street, Dùn Èideann
An-asgaidh – dìreach thig a-steach. Cafaidh coimhearsnachd agus gnìomhan do gach aois! Clàr-ama nan tachartasan an seo.
Cèilidh an Ionaid : 19.00 – 22.30: Central Hall, West Tollcross, Dùn Èideann
Ceòl, danns’ is coimhearsnachd do gach aois, le West Loch Cèilidh Band, còmhlan cèilidh Gàidhealach ùr, agus Amadan, còmhlan de luchd-ciùil traidiseanta bho Àrd-sgoil Sheumais Gilleasbuig. Tiocaidean an seo. Bidh tiocaidean cuideachd rim faighinn air an doras (airgead a-mhàin) – BYOB/thoir leat do bhotail fhèin, ach bidh sinn a’ reic sùgh.
Feuch gun tig sibh còmhla rinn air Latha Mòr na Gàidhlig! Airson spòrs, airson na coimhearsnachd, agus gus taic a thoirt dhan iomairt gus Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil a leithid dh’ ionad riatanach don choimhearsnachd Ghàidhlig anns a’ bhaile, airson gach aois is gach ìre fileantais. Chan urrainn dhuinn an iomairt seo a thoirt air adhart às aonais ur cuideachaidh.
Ann an co-bhonn le Capital Gaelic. Air a mhaoineachadh le Bhòrd na Gàidhlig tro Thaic Freumhan Coimhearsnachd.

