Chùm sinn dà latha bogaidh soirbheachail san Fhaoilleach agus – le taing do Stoirm Eowyn – sa Ghearran, ann an Leabharlann Morningside. Mòran taing dhan a h-uile duine aig Leabharlann Morningside airson a bhith a’ cumail nan tachartasan seo san t-seòmar choimhearsnachd àlainn aca.


Bha an t-iarrtas air na clasaichean seo cho mòr ’s gu bheil sinn an dùil làithean bogaidh eile a chumail nas fhaide air adhart am-bliadhna.
Cùmaibh sùil air na meadhanan-sòisealta agus air an làrach-lìn againn airson barrachd fiosrachaidh.
