Chùm sinn ceithir làithean bogaidh soirbheachail san Fhaoilleach, sa Ghearran, sa Ghiblean agus san Ògmhios am bliadhna. Mòran taing dhan a h-uile duine aig Leabharlann Morningside airson a bhith a’ cumail nan tachartasan seo agus fàile chridheil a chur oirnn.


Bha an t-iarrtas air na clasaichean seo air leth mòr agus thàinig beachdan deimhinneach air ais thugainn mu na tachartasan. Tha sinn an dùil cothroman bogaidh eile a thoirt seachad nas anmoiche sa bhliadhna mar phàirt de thachartasan coimhearsnachd nas motha. Cùmaibh sùil air na meadhanan-sòisealta agus air an làrach-lìn againn airson barrachd fiosrachaidh.


