Ionad Pop Up!

[English version]

Abair latha mìorbhaileach aig an IONAD POP UP againn air Dihaoine 28 Gearran! Thàinig còrr is 200 còmhla rinn gus ar cuideachadh le bhith a’ cruthachadh Ionad Gàidhlig, agus chòrd an latha rinn gu mòr – le seinn, geamannan, leabhraichean, seòmar teichidh, Bookbug Gàidhlig, còmhradh agus cothroman ionnsachaidh sa Ghàidhlig, taisbeanadh seinn mìorbhaileach bho chlann na sgoil-àraich agus – an rud as cudromaiche – a’ choimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann againn.

Tapadh leibh gu mòr dhan a h-uile duine a thàinig, agus dhan fheadhainn a chuir taic dhuinn gus an latha sònraichte seo a chur air dòigh. ’S e ceum beag, ach cudromach, a tha seo air an t-slighe gu Ionad Gàidhlig stèidhichte ann an Dùn Èideann – ach chan urrainn dhuinn adhartas eile a dhèanamh às ur n-aonais! An tig sibh còmhla rinn mar bhall, no am b’ urrainn dhuibh cuideachadh a thoirt dhuinn aig tachartasan, no a bheil sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu na tha sinn a’ dèanamh anns a’ chuairt-litir ùr againn?

Mòran taing cuideachd dha Seachdain na Gàidhlig a thug taic chudromach dhan tachartas tro Mhaoin nan Tabhartas Beag, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Air a mhaoineachadh le Seachdain na Gàidhlig tro Mhaoin nan Tabhartas Beag, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig