Mòran taing dha gach daoine a chuidich agus a thàining gu IONAD POP UP air Dihaoine 23 Gearran gus ‘Ionad Gàidhlig’ a chruthachadh fad fheasgar. ‘S e tachartas sgoinneil a bh’ ann le seinn, geamannan, sgeulachdan, leabhraichean, blasad de Cinema Sgìre, cèicean, cabadaich agus – an rud as cudromaich – coimhearsnachd! Bha e cho, cho brosnachail uiread fhaicinn aig an tachartas, agus tha sinn an dòchas gum bi cothroman eile san àm ri teachd ‘Ionad Pop Up’ eile a chur air dòigh air an rathad gu Ionad stèidhichte ann an Dùn Èideann.
Feuch gun èist sibh ris an aithist mun tachartas air Aithris na Maidne (26.36) agus thoir sùil air na thachair air An Là!
Mòran taing cuideachd dha Seachdain na Gàidhlig a thug taic chudromach dhan tachartas tro Mhaoin nan Tabhartas Beag, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.























Dealbhan: Andrew Perry (www.andrewperry.co.uk)
Air a mhaoineachadh le Seachdain na Gàidhlig tro Mhaoin nan Tabhartas Beag, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig


