Gàidhlig ann an Dùn Èideann: an-dè, an-diugh, agus a-màireach

[English version]

Mar phàirt den t-sreath de thachartasan Edinburgh 900 a tha a’ comharrachadh 900 bliadhna de bhaile Dhùn Èideann, chùm sinn ceithir tachartasan eadar am Màrt agus an t-Ògmhios ann an sreath: ‘Gàidhlig ann an Dùn Èideann: an-dè, an-diugh agus a-màireach‘.

Anns na tachartasan seo, bha sinn ag iarraidh sgrùdadh air dùthchas Gàidhlig Dhùn Èideann a dhèanamh tro àiteachan, daoine, ceòl agus cànan – a’ toirt sealladh Gàidhlig cudromach air eachdraidh Dhùn Èideann. Bha sinn ag amas air àrd-ùrlair a sholarachadh do na h-eòlaichean gus buaidh mhaireannach na Gàidhlig anns a’ bhaile, agus buinteanas beò a’ chànain san latha an-diugh a mhìneachadh, còmhla ri ceòl bho Ghàidheil òga bhon coimhearsnachd againn. Bha sinn air leth toilichte gu bheil sinn air taic fhaighinn bho Chomhairle Baile Dhùn Èideann agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba anns an oidhirp seo.

Air Disathairne 22 Màrt thòisich an Dr Jake King an sreath le sealladh sgoileireil air Ainmean-àite Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Fhuair an luchd-èisteachd sealladh air comharran Gàidhlig air aghaidh na tìre, a thug dhuinn geur-bheachd air na freumhan Gàidhlig aig ainmean leithid Corstorphine (Crois Toirfinn), Drumdryan (Druim Droighinn) agus Craigentinny (Creag an t-Sionnaich).

B’ e Gàidhlig ann an Dùn Èideann: eachdraidh agus sluagh-eòlais cuspair an taisbeanaidh air Disathairne 10 Cèitean, agus thug an t-Ollamh Rob Dunbar agus an t-Ollamh Wilson MacLeòid sùil air ceudan bliadhna de dh’eachdraidh nan Gàidheal ann an Dùn Èideann, agus rinn iad sgrùdadh air fianais air àrdachadh comasan anns a’ Ghàidhlig anns a’ bhaile o chionn ghoirid. Bha Laura Penman – neach-labhairt na Gàidhlig a bha anns a’ chuairt dheireannaich ann am farpais Ceòladair Òg Traidiseanta na Bliadhna 2025 – a’ seinn na clàrsaich dhuinn cuideachd.

Dh’atharraich sinn cruth an tachartais air Disathairne 31 Cèitean agus bha còmhradh pannail againn, air a stiùireadh le Mona Wilson, Donna Màiri NicÌomhair agus Karen NicIlleRuaidh – agus an t-Ollamh Mata MacÌomhair anns a’ chathair – air fàs foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Chuala sinn mu mar a thòisich foghlam tron Ghàidhlig anns a’ bhaile ann an 1988 le 7 sgoilearan, na ceumannan mòra air adhart a rinneadh gus bun-sgoil a stèidheachadh agus àireamh sgoilearan Gàidhlig àrdachadh, agus na dùbhlan a tha fhathast romhainn. Chuala sinn cuideachd ceòl brèagha bho luchd-ciùil òga à Dùn Èideann: Flynn Conroy, Mirabelle NicLeòid & Alasdair Scott.

Thàinig crìoch air an t-sreath thachartasan aig an Leabharlann Nàiseanta air Disathairne 14 Ògmhios le cuairt litreachail timcheall Dùn Èideann tro shùilean nan Gàidheal. A’ taisbeanadh sgrìobhaidhean bho na 1600an a-mach, thug an Dr Michel Byrne seachad sealladh Gàidhlig sònraichte air a’ bhaile bho sgrìobhadairean a bha agus a tha a’ fuireach an seo anns an taisbeanadh aige air Sgrìobhadairean Gàidhlig agus litreachas Gàidhlig ann an Dùn Èideann’. Chuir Tawana Maramba, seinneadair òg tàlantach à Dùn Èideann, ris an dealbh seo, còmhla ri a piuthar Seren, le òrain Ghàidhlig a bhuineas don bhaile.

Airson an tachartas mu dheireadh airson Edinburgh 900, chaidh sinn a-mach air na sràidean, ann an cuairt coiseachd dhà-chànanach timcheall air làraichean ann an Seann Bhaile Dhùn Èideann aig a bheil ceangal as làidir le beatha nan Gàidheal anns a’ bhaile.

Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt don a h-uile duine a thàinig dha na tachartasan – a bha uile loma-làn – agus cuideachd do:

Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson na tachartasan a chumail agus taic luchd-obrach a thoirt seachad.

Comhairle Baile Dhùn Èideann a thug seachad taic airgid tron mhaoin choimhearsnachd aca airson Edinburgh 900.

Àrd-sgoil Sheumais Gilleasbuig airson nam brataichean brèagha aca a’ sealtainn diofar thaobhan beatha nan Gàidheal anns a’ bhaile.

Comhairle nan Leabhraichean airson uidheamachd eadar-theangachaidh a sholarachadh.