Cuairt coiseachd ann an Dùn Èideann nan Gàidheal

[English version]

Gus crìoch a chur air an t-sreath de thachartasan ‘Gàidhlig ann an Dùn Èideann: an-dè, an-diugh agus a-màireach‘ mar phàirt den fhèill Edinburgh 900 a tha a’ comharrachadh 900 bliadhna de bhaile Dhùn Èideann, air Didòmhnaich 22 Ògmhios, rinn sinn cuairt coiseachd timcheall air làraichean ann an Seann Bhaile Dhùn Èideann aig a bheil ceangal nas làidir le beatha nan Gàidheal anns a’ bhaile.

Thàinig buidheann mhòr còmhla rinn airson an tachartais dà-chànanch seo, air a stiùireadh leis an Oll. Wilson MacLeòid. Thòisich sinn ann an Chambers Street, làrach an dàrna eaglais Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, agus chrìochnaich sinn ann an Johnstone Terrace, far an deach a’ chiad eaglais Ghàidhlig anns a’ bhaile a thogail ann an 1769. Eadar an dà làrach seo, thadhail sinn air uaigh a’ bhàird ainmeil, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir ann an cladh Eaglais nam Manach Liath – a-nis an aon eaglais air tìr-mòr na h-Alba a bhios a’ cumail seirbheis Ghàidhlig gach seachdain – agus dachaigh a’ bhàird air an Àrd Shràid (Clòs Roxburgh).

Thadhail sinn cuideachd air Makars’ Court far a bheil leacan a’ comharrachadh sgrìobhadairean Gàidhlig, Cuimhneachan an Fhreiceadain Duibh air a’ Mhound, agus an uinneag-chuimhneachaidh John Stuart Blackie – a rinn iomairt shoirbheachail airson Cathair na Ceiltis a stèideachadh anns an Oilthigh.

The role of major national institutions in safeguarding Gaelic collections was also highlighted. Gaelic treasures – such as the Red Book of Clanranald and the famous Lewis Chessmen – can be seen in the National Museum and the National Library has the world’s largest collection of Gaelic books and manuscripts.

Chaidh àite nam prìomh buidhnean nàiseanta ann a bhith a’ glèidheadh chruinneachaidhean Gàidhlig a shoilleireachadh cuideachd. Tha ulaidhean Gàidhlig – leithid Leabhar Chlann Raghnaill agus Fir-tàileisg Leòdhais ainmeil – rim faicainn ann an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba and tha cruinneachadh prìseil de leabhraichean is làmh-sgrìobhainn Gàidhlig ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Faodaidh sibh turas fèin-stiùirichte a dhèanamh, tron t-slighe dhà-chànanach ùr de dh’àitichean agus ainmean-àite Gàidhlig anns a’ bhaile: Làraichean-coise Gàidhlig Dhùn Èideann.