Cuairt coiseachd

[English version]

Air latha bhrèagha, Didòmhnaich 1 Dùbhlachd, chùm Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann cuairt coiseachd threòirichte timcheall air làraichean Gàidhlig chudromach a tha rin lorg faisg air a chèile ann an Seann Baile Dhùn Èideann. Bha an turas air a stiùireadh le Wilson MacLeòid (Ollamh Emeritus na Gàidhlig, Oilthigh Dhùn Èideann).

Chaidh eachdraidh nan eaglaisean Gàidhealach anns a’ bhaile, a tha air a bhith cho cudromach ann am beatha nan Gàidheal ann an Dùn Èideann, a mhìneachadh: bhon chiad chaibeal Ghàidhealach a chaidh a thogail ann an 1769 air cùl an Grassmarket (a-nis air Barraid MhicIain), agus an eaglais air Horse Wynd (Chambers Street a-nis) a thàinig às a dèidh a bha mòr gu leòr airson còrr is 1000 neach-adhraidh, dhan cho-thional Gàidhealach an latha an-diugh ann an Eaglais nam Manach Liath.

Chuala sinn cuideachd mu na h-ulaidhean Gàidhlig a tha rim faicinn ann an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba – leithid Leabhar Chlann Raghnaill agus Fir-tàileisg Leòdhais ainmeil – agus mun chruinneachadh prìseil de leabhraichean is làmh-sgrìobhainn Gàidhlig a tha air an cumail leis an Leabharlann Nàiseanta.

Thadhail sinn cuideachd air uaigh a’ bhàird ainmeil, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, ann an cladh Eaglais nam Manach Liath, agus air làrach dachaigh a’ bhàird ann an Clòs Roxburgh, ri taobh na h-Àrd Shràide, cho math ri Makars’ Court far a bheil sianar bhàrd Gàidhlig air an cuimhneachadh. Air an t-slighe lorg sinn cuideachd uinneag-chuimhneachaidh John Stuart Blackie – a rinn iomairt shoirbheachail airson Cathair na Ceiltis a stèideachadh anns an Oilthigh, aig deireadh an 19mh linn – agus Cuimhneachan an Fhreiceadain Duibh air a’ Mhound.

Tha sinn an dòchas tachartasan eile a bheir a-steach fiosrachadh air eachdraidh na Gàidhlig agus nan Gàidheal ann an Dùn Èideann a chur air dòigh san àm ri teachd. Agus faodaidh sibh cuideachd turas fèin-stiùirichte a dhèanamh, tron t-slighe dhà-chànanach ùr de dh’àitichean agus ainmean-àite Gàidhlig anns a’ bhaile: Làraichean-coise Gàidhlig Dhùn Èideann.