Thigibh Cruinn Còmhla airson latha coimhearsnachd na Gàidhlig air Disathairne 31 Faoilleach! Bidh fàilte chridheil air a h-uile duine, le gnìomhachdan airson gach aois agus gach ìre de dh’fhileantas.
Mar a rinn sinn aig Cruinn Còmhla san t-Samhain, bidh sinn a’ ruith chlasaichean Gàidhlig (faicibh gu h-ìosal airson àite a ghlèidheadh) agus bidh cuideachd gnìomhachdan spòrsail eile ann, cho math ri cafaidh snog airson strùpag, cabadaich agus fois a ghabhail – tuilleadh fiosrachaidh gu h-ìosal.
Thigibh ann gus coinneachadh ri daoine bhon choimhearsnachd, gus Gàidhlig a bhruidhinn agus ionnsachadh, agus gus taic a chumail ris an iomairt airson Ionad Gàidhlig ann an Dùn Èideann!
Cruinn Còmhla · Disathairne 31 Faoilleach 2026 10.00 – 16.00 · Darroch, 7 Sràid Ghilleasbaig, Dùn Èideann EH3 9NH
Thèid Cruinn Còmhla a chumail an turas seo mar phàirt de dh’Fhèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid (29 Faoilleach – 1 Gearran), ann an co-bhann leis A’ Chomunn Ghàidhealach, Oilthigh Dhùn Èideann & Bothan Dhùn Èideann. Cùm sùil a-mach airson tuilleadh fiosrachaidh mu na diofar thachartasan a tha san amharc thairis air na ceithir latha!
Clasaichean
Aig Cruinn Còmhla bidh sinn a’ ruith chlasaichean Gàidhlig aig trì ìrean eadar-dhealaichte, bho 10.00 – 12.30.
Cosgais £15 (lasachadh £12). Airson àite a ghlèidheadh, cuiribh post-d gu: ionaddhuneideann@gmail.com
Post Beginners
Bidh an clas seo freagarrach do dh’oileanaich aig a bheil tuigse bhunaiteach air gràmar na Gàidhlig, sgilean còmhraidh simplidh agus a tha deònach Gàidhlig a bhruidhinn. Faicibh ìre A2, Comasan Labhairt ann an Gàidhlig airson barrachd fiosrachaidh.
Taoitear: Rona Lawson
Eadar-mheadhanach (ìre ìosal)
Bidh an clas seo freagarrach do dh’oileanaich aig a bheil tuigse chuibheasach air a’ chànan, agus a tha ag obair gus am fileantas agus eòlas a leasachadh.
Faicibh ìre B1, Comasan Labhairt ann an Gàidhlig airson barrachd fiosrachaidh.
Taoitear: Andrew Gourlay
Eadar-mheadhanach (àrd-ìre)
Bidh an clas seo freagarrach do dh’oileanaich a tha air grunn chlasaichean Gàidhlig a dhèanamh, aig a bheil tuigse mhath air a’ chànan, agus a tha ag obair air a bhith ga bruidhinn nas misneachaile.
Faicibh ìre B2, Comasan Labhairt ann an Gàidhlig airson barrachd fiosrachaidh.
Taoitear: Raonaid Alcorn



Gnìomhachdan eile
Co-dhiù am bi sibh a’ gabhail clas Gàidhlig no nach bi, nach tig sibh còmhla rinn aig a’ chafaidh fad latha – le tì, cofaidh, cèicean agus briosgaidean – agus ceòl, geamannan bùird, agus cothrom ur cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an co-theacsa neo-fhoirmeil.
Bidh cothrom ann cuideachd barrachd fhaighinn a-mach mun iomairt gus Ionad Gàidhlig a chruthachadh ann an Dùn Èideann – agus tighinn an sàs còmhla rinn mar bhall!
Bidh cuideachd raon de dhiofar ghnìomhachdan ann a bhios ag amas air leigeil le luchd-ionnsachaidh an sgilean a thaobh briathrachas Gàidhlig, gràmar na Gàidhlig agus còmhradh sa Ghàidhlig a leasachadh – agus le luchd-fileanta na Gàidhlig pàirt a ghabhail ann an gnìomhachdan coimhearsnachd.



Gheibh sibh an clàr-ama gu h-ìosal (dh’fhaodadh gun tèid atharraichean beaga a dhèanamh air a’ phrògram)
Cothrom Còmhraidh: 10.30 – 12.00
Cothrom do chuid Gàidhlig a chleachdadh ann an co-theacsa neo-fhoirmeil. Le Niall MacGriogair, tidsear Gàidhlig agus neach-rannsachaidh.
Ealain spòrsail ‘drop-in’: 11.00– 12.30
Airson clann fo aois sgoile. Le Cròileagan Dhùn Èideann.
Cùm Alba Bòidheach (Keep Scotland Beautiful):
· Bùth-obrach Cruthachail – Dèan Ceanglaichean le Nàdar: 11.00 – 12.00
Seisean spòrsail air an àrainneachd (sgoilearan bun-sgoile)
· Pròiseact Bhidio: Mar a Chumas Sinn Alba Bòidheach: 13.00 – 15.30
Cothrom bhidio goirid a chruthachadh (suas ri mionaid a dh’fhaid) air a’ chuspair ‘a’ cumail Alba bòidheach’ (sgoilearan àrd-sgoile)
Le Jonathan Angell, Oifigear Gàidhlig aig Cùm Alba Bòidheach. Bidh na seiseanan seo anns a’ Ghàidhlig. Tha iad an-asgaidh ach feumar clàradh. Cuiribh fios gu: sarah.ionadde@gmail.com

Seinnidh Sinn song session: 13.30 – 14.30
Tog òran ùr – seisean seinn neo-fhoirmeil le Catriona Nicolson bho chearcall sheinn, Seinnidh Sinn.
Gràmar na Gàidhlig: 13.15 – 14.15
Bùth-obrach a’ coimhead air gnìomhairean neo-riaghailteach, leis an ollamh Wilson MacLeòid.
Seisean ealain sa Ghàidhlig: 13.30 – 15.00
Seisean ealain spòrsail do chloinn aois bun-sgoile. Leis an oifigear Iomairt againn bho Comunn na Gàidhlig, Calum Moireach
Ainmean-àite Gàidhlig ann an Dùn Èideann: 14.30 – 15.30
Ionnsaich mu buaidh na Gàidhlig air ainmean-àite ann an sgìre Dhùn Èideann, ann an cuideachd an Dr Jake King, an Neach-rannsachaidh airson Ainmean-àite na h-Alba. Tha PhD aige ann an eòlas ainmean-àite bho Oilthigh Dhùn Èideann agus ’s e esan ùghdar ‘The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention’ agus deasaiche ‘Scottish Gaelic Place-Names: The Collected Works of Charles M. Robertson’.
Cruinn Còmhla · Disathairne 31 Faoilleach 2026 10.00 – 16.00 · Darroch, 7 Sràid Ghilleasbig, Dùn Èideann EH3 9NH



Air a mhaoineachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.


