Bha tachartas CRUINN CÒMHLA sgoinneil eile againn air Disathairne 28 February airson Seachdain na Gàidhlig 2026.
Thàinig daoine còmhla – sean is òg, bho air feadh na coimhearsnachd Gàidhlig ann an Dùn Èideann, agus cuideachd luchd-tadhail don bhaile – gus pàirt a ghabhail ann an clasaichean Gàidhlig, ealain, seinn nan salm agus seinn phuirt à beul, taisbeanaidhean air goireasan Gàidhlig aig Sgoil Eòlais na h-Alba, air a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Uibhist a Deas, agus air feallsanachd ionnsachadh na Gàidhlig – agus cuideachd airson pailteas chothroman Gàidhlig a bhruidhinn!










B’ e seo an treas ann an sreath de cheithir tachartasan a tha ag amas air daoine bho air feadh na coimhearsnachd Gàidhlig ann an Dùn Èideann a thoirt còmhla airson ionnsachadh na Gàidhlig, cothroman còmhraidh, spòrs agus dibhearsain. Thèid an tachartas Cruinn Còmhla mu dheireadh a chumail air Disathairne 9 Cèitean aig ionad coimhearsnachd The Heart of Newhaven.
Tha sinn an comain Bòrd na Gàidhlig a tha a’ toirt taic dhuinn tron mhaoin Taic Freumhan Coimhearsnachd gus na tachartasan Cruinn Còmhla a chur air dòigh agus a chumail fosgailte don a h-uile duine.
Tha na tachartasan seo nan ceum air an t-slighe gu Ionad Gàidhlig stèidhichte ann an Dùn Èideann. Chan urrainn dhuinn dad a dhèanamh às aonais taic leantainneach coimhearsnachd na Gàidhlig ge-tà. An tig sibh còmhla rinn mar bhall, no am b’ urrainn dhuibh cuideachadh a thoirt dhuinn aig tachartasan no ann a bhith a’ toirt an iomairt air adhart, no a bheil sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu na tha sinn a’ dèanamh anns a’ chuairt-litir againn?

Air a mhaoineachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig


