Blasad

[English version]

Chomharraich sinn Latha Naomh Anndra air 29 Samhain le cuirm-chiùil shònraichte, ann an cuideachd Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh. Chaidh naoi òrain Ghàidhlig àlainn, a tha a’ toirt solas air a’ cheangal eadar Dùn Èideann agus saoghal na Gàidhlig tro na linntean, a sheinn agus a chluich le luchd-ciùil òga à Dùn Èideann: Laura Penman, Tawana Maramba, Iris MacLeod, Seren Maramba, Oisín Fuentes agus Alasdair Scott.

Chì sibh gu h-ìosal criomagan de na h-òrain seo, còmhla ri fiosrachadh mun eachdraidh aca agus mu na sgeulachdan a tha iad ag innse.

Mòran taing don luchd-ciùil thàlantach seo, agus cuideachd do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson an tachartas a chumail. Tha sinn cuideachd fada an comain Maoin nan Ealan Gàidhlig a thug seachad taic-airgid airson an tachartais.

‘S e seo an tachartas mu dheireadh ann an sreath de thachartasan a bha a’ coimhead air Gàidhlig agus Dùn Èideann airson na Fèille Edinburgh 900, a thug sùil air ainmean-àite Gàidhlig anns a’ bhaile, muinntir na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, foghlam Gàidhlig agus sgrìobhadairean Gàidhlig a bha a’ sgrìobhadh anns a’ bhaile, mun bhaile. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh mu na tachartasan sin an seo.

Òran do luchd-giùlain chathraichean an Dùn Èideann

Ann an Dùn Èideann san 18mh linn, bha an ‘sedan chair’ na seòrsa tacsaidh, anns an robh an luchd-siubhail air an giùlan bho àite gu àite. B’ e Gàidheil a bh’ anns a’ mhòr-chuid de luchd-giùlain nan cathraichean, agus tha an t-òran beòthail seo le Raibeard Stiùbhard a’ moladh an comais, an spionnaidh agus an eòlais.

Air a chluich agus a sheinn le Tawana Maramba, Iris NicLeòid, Laura Penman agus Alasdair Scott.

Bothan Àirigh am Bràigh Raithneach

Bha mòran Ghàidheal a’ coimhead air Dùn Èideann mar thùs fhasanan spadeil agus rudan prìseil ùra. Tha an t-òran gun urra seo à Raineach ann an Siorrachd Pheairt air a chur am beul boireannach òg ann am ‘bothan an t-sùgraidh’ a tha a’ feitheamh ri a leannan tilleadh le ‘gear’ ùr dhi, na mheasg crios sònraichte à Dùn Èideann.

Air a chluich agus a sheinn le Iris NicLeòid agus Laura Penman.

Òran an t-Saighdeir

Bha ròl cudromach aig an arm ann an Dùn Èideann tro na linntean, gu h-àraidh aig a’ Chaisteal, agus chaidh mòran Ghàidheal a-steach ann. Anns an òran gun urra seo, a rinneadh tràth san naoidheamh linn deug is dòcha, tha fear òg ag aithris mar a chaidh a thrusadh le Gàidheal eile fhad ’s a bha e a’ coiseachd ann an Dùn Èideann, ach tha e a-nis a’ gabhail aithreachas mòr air a cho-dhùnadh.

Air a chluich agus a sheinn le Seren agus Tawana Maramba, agus Laura Penman.

Moladh na Luinge

Tro na linntean tha pailteas òran Gàidhlig a’ moladh bhàtaichean agus agus na mara agus tha an t-òran seo le Coinneach MacCoinnich bho dheireadh an ochdamh linn deug na eisimpleir car neo-àbhaisteach. Tha an seinneadair a’ fuireach ann am bochdainn ann an Dùn Èideann a-nis, ach tha e a’ cuimhneachadh air làithean na b’ fheàrr air a’ mhuir, mar phàirt de chriutha làidir is beòthail a’ strì an aghaidh an t-srutha agus nan eileamaidean.

Air a rianachadh agus a chluich le Laura Penman.

Ge Socrach Mo Leaba

Seo an t-òran Gàidhlig as sine a rinneadh ann an Dùn Èideann, timcheall air 1680. Thàinig am bàrd, Gilleasbaig MacDhòmhnaill, ris an canar An Ciaran Mabach, gu Dùn Èideann airson obair-lannsa fhaighinn air a chois. Tha e a’ toirt iomradh air Abaid an Ròid agus Lìte san òran ach tha e ag iarraidh a bhith air ais air an tuath, a’ cadal air an fhraoch agus a’ sealg fèidh air na monaidhean san Eilean Sgitheanach, Uibhist agus Leòdhas.

Air a chluich agus a sheinn le Tawana Maramba agus Laura Penman.

Òran anns a bheil am bàrd a’ moladh a leannain agus a dhùthaich fhèin

’S dòcha gur e Uilleam Ros am bàrd gaoil as ainmeile anns a’ Ghàidhlig agus anns an òran seo a rinneadh mu 1780 tha e a’ nochdadh gaol dhan dà chuid a leannan agus a dhùthaich (An t-Eilean Sgitheanach is Siorrachd Rois). Ach tha e fada air falbh ann an Dùn Èideann, air a chuairteachadh le luchd Beurla dha beag a thlachd, an dòchas tilleadh dhachaigh gun dàil.

Air a chluich agus a sheinn le Iris NicLeòid agus Laura Penman.

‘S gann gun dìrich mi chaoidh

Mar phrìomh bhaile na rìoghachd, b’ e Dùn Èideann prìomh-ionad an lagha agus an ùghdarrais ann an Alba, agus mhothaich mòran Ghàidheal dha chumhachd, uaireannan le searbhachd. Anns an òran seo às an Eilean Sgitheanach bho thoiseach an naoidheamh linn deug, tha Tormod MacNeacail ag innse mar a fhuair e litir bho neach-lagha à Dùn Èideann ga chasg bho bhith a’ sealg agus ag iasgach anns a’ fhrìth.

Air a chluich agus a sheinn le Tawana Maramba agus Laura Penman.

An t-Sòbhrach Mhuileach

Rinneadh an t-òran seo leis a’ bhàrd Mhuileach Dùghall MacPhàil ann an 1870. Fhuair am bàrd sòbhraichean bhon taigh mar thiodhlac agus chuir e iad sa ghàrradh aige ann an Sciennes ri taobh nan lilidhean. Tha e ag innse gu bheil na sòbhraichean fada o thìr an dùthchais ‘an tìr na toit’ ’s nan dù-Ghall’, meatafor dhan bhàrd fhèin agus do na Ghàidheil eile sa bhaile mhòr.

Air a sheinn le Oisín Fuentes

Màili Dhonn

Seo òran a’ moladh bàta a tha gu math eadar-dhealaichte ri ‘Moladh na Luinge’. Tha ainm caileig oirre (Màili Dhonn, no Màiri Dhonn) agus tha i air a pearsanachadh na boireannach òg. Tha iomradh air Dùn Èideann agus Lìte anns an òran am measg grunn àiteachan eile air a bheil i a’ tadhal ann an Alba agus Sasainn.

Air a chluich agus a sheinn le Iris NicLeòid, Laura Penman, Tawana Maramba, Seren Maramba agus Oisín Fuentes.