Saor-thoilich

[English version]

A bheil ùidh agad ann a bhith a’ dèanamh obair shaor-thoileach còmhla rinn?

Tha sinn a’ cruthachadh buidheann de dhaoine èasgaidh a tha ag iarraidh taic a chumail ri Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann is sinn a’ toirt air adhart an iomairt gus Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann.

Dh’fhaodadh seo toirt a-steach cuideachadh aig tachartasan an Ionaid, taic le togail-airgid, taic airson cùisean ealanta agus cùisean conaltraidh, sgilean ionmhais no sgilean a thaobh gnìomhachas a thoirt dhuinn – agus iomadh rud eile!

Bhiodh tu ag obair mar phàirt de choimhearsnachd na Gàidhlig, a’ toirt taic don iomairt, agus a’ togail nan sgilean agus eòlasan agaibh fhèin.

Cuir fios thugainn aig: sarah.ionadde@gmail.com