Gabh ceum tro Dhùn Èideann nan Gàidheal air slighe dhà-chànanach ùr, Làraichean-coise Gàidhlig Dhùn Èideann.
Gheibh sibh sealladh air àitichean suaicheanta ann an Dùn Èideann a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig, bho chladh Eaglais nam Manach Liath, gu bana-gaisgich Seumasach aig Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba, bàird Ghàidhlig ann an Cuirt nam Bàrd, agus AI sa Ghàidhlig. Gheibh thu a-mach cuideachd mu na tha de dh’ainmean-àite Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus an sgìre timcheall.

Bha an t-slighe air a cur air dòigh le Capital Gaelic ann an co-bhonn le Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, le cuideachadh bho Ainmean-Àite na h-Alba, Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, Oilthigh Dhùn Èideann, Comhairle Baile Dhùn Èideann, na Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, Comunn na Gàidhlig, Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
Seo a’ chiad ìre dhen phròiseact agus tha sinn an dùil tuilleadh àiteachan a chur ris a’ mhapa ann an 2025. Ma tha molaidhean agaibh, leigibh fios dhuinn
