Abair latha a bh’ againn air Disathairne 31 Faoilleach Samhain aig an dàrna tachartas coimhearsnachd CRUINN CÒMHLA againn!
Thàinig 200 gu Darroch airson clasaichean Gàidhlig agus tòrr mòr ghnìomhachdan eile – seinn, geamannan, ealain, pròiseact bhideo, buidheann leughaidh, sgeulachdan, ainmean-àite Gàidhlig ann an Dùn Èideann, gràmar na Gàidhlig, cafaidh agus cothroman gu leòr Gàidhlig a bhruidhinn







Mòran taing dhuibh uile a thàinig agus cuideachd dhan fheadhainn a bha a’ cuideachadh air an latha.
Tha sinn cuideachd fada an comain Bòrd na Gàidhlig a tha a’ toirt taic dhuinn tron mhaoin Taic Freumhan Coimhearsnachd gus na tachartasan Cruinn Còmhla a chur air dòigh agus a chumail fosgailte don a h-uile duine.
Chaidh an latha a chumail cuideachd mar phàirt de na tachartasan airson Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid (29 Faoilleach – 1 Gearran), a bha air an cur air dòigh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, Oilthigh Dhùn Èideann, Bothan Dhùn Èideann agus Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann gus beatha agus dìleab sàr-Ghàidheal Dhùn Èideann Iain MhicLeòid a chomharrachadh.
B’ e seo an dàrna tachartas ann an sreath de cheithir tachartasan a tha ag amas air daoine bho air feadh na coimhearsnachd Gàidhlig ann an Dùn Èideann a thoirt còmhla airson ionnsachadh na Gàidhlig, cothroman còmhraidh, spòrs agus dibhearsain.
Thèid na h-ath thachartasan a chumail air Disathairne 28 Gearran – airson Seachdain na Gàidhlig (23 Gearran – 1 Màrt) – agus Disathairne 9 Cèitean. Chì sinn ann sibh!
Tha na tachartasan seo nan ceum air an t-slighe gu Ionad Gàidhlig stèidhichte ann an Dùn Èideann. Chan urrainn dhuinn dad a dhèanamh às aonais taic leantainneach coimhearsnachd na Gàidhlig ge-tà. An tig sibh còmhla rinn mar bhall, no am b’ urrainn dhuibh cuideachadh a thoirt dhuinn aig tachartasan no ann a bhith a’ toirt an iomairt air adhart, no a bheil sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu na tha sinn a’ dèanamh anns a’ chuairt-litir againn?



Air a mhaoineachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.


