‘S e latha fìor mhath a bh’ againn air Disathairne 15 Samhain aig an tachartas coimhearsnachd againn CRUINN CÒMHLA! Bha cur-seachadan ann airson a h-uile duine, le clasaichean Gàidhlig sa mhadainn agus raon de ghnìomhachdan ‘drop in’ – bho sheinn, geamannan, ealain, leabhraichean agus buidheann-leughaidh, gu gràmar na Gàidhlig agus bùithtean-obrach dràma, agus bùth-obrach seinn nan salm a bha loma-làn.



Mòran taing dhuibh uile a thàinig agus cuideachd dhan fheadhainn a bha a’ cuideachadh air an latha. Taing mhòr cuideachd do Bòrd na Gàidhlig a thug taic dhuinn tron mhaoin Taic Freumhan Coimhearsnachd agus a chuidich gus an tachartas a chumail fosgailte don a h-uile duine.
Bidh sinn a’ ruith tachartasan Cruinn Còmhla eile ann an 2026, cuideachd le measgachadh de dh’ionnsachadh na Gàidhlig, cothroman còmhraidh, spòrs agus coimhearsnachd. Cùmaibh sùil a-mach airson barrachd fiosrachaidh a dh’aithghearr!
Tha an tachartas seo na cheum air an t-slighe gu Ionad Gàidhlig stèidhichte ann an Dùn Èideann. Chan urrainn dhuinn dad a dhèanamh às aonais taic leantainneach coimhearsnachd na Gàidhlig ge-tà. An tig sibh còmhla rinn mar bhall, no am b’ urrainn dhuibh cuideachadh a thoirt dhuinn aig tachartasan no ann a bhith a’ toirt an iomairt air adhart, no a bheil sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu na tha sinn a’ dèanamh anns a’ chuairt-litir againn?










