Blasad

[English version]

Airson Latha Naomh Anndrais, nach tig sibh còmhla rinn airson blasad de chultar Gàidhealach, le bàrdachd, ceòl is òrain ann an cuideachd Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh.

A’ tarraing air tàlantan luchd-ciùil òga à Dùn Èideann bidh an seisean de dh’òrain bhrèagha Ghàidhlig seo a’ toirt solas air a’ cheangal eadar Dùn Èideann agus saoghal nan Gàidheal tro na linntean.

Bidh an Dr Pàdraig MacAoidh – a’ chiad Mhakar Albannach a tha na bhàrd Gàidhlig – na fhear an taighe aig an tachartas seo. Tha e na Àrd-òraidiche ann an Litreachas ann an Sgoil na Beurla, Oilthigh Chill Rìmhinn. Buinidh e do dh’Eilean Leòdhais agus tha e na eòlaiche air litreachas Albannach is Èireannach bho 1800, agus gu h-àraidh air litreachas na Gàidhlig. Chaidh ainmeachadh mar Makar na h-Alba ann an 2024.

Bidh ceòl agus òrain ann bho  Luchd-ciùil òga à Dùn Èideann – Laura Penman (clàrsach)  Alasdair Scott (bogsa-ciùil) agus seinneadairean Tawana Maramba, Iris NicLeòid, Seren Maramba and Oisín Fuentes. 

BLASAD Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ǀ Disathairne 29 Samhain @ 1400

Tiocaidean: www.nls.uk/whats-on/blasad-gaelic-culture/

Le taic bho Mhaoin nan Ealan Gàidhlig: Fèisean nan Gàidheal, Alba Chruthachail & Bòrd na Gàidhlig.

Taing mhòr cuideachd do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.