Rinn sinn suirbhidh coimhearsnachd bho chionn ghoirid mu na buannachdan a dh’ fhaodadh a bhith an lùib mòr-ionad Gàidhlig – àite sòisealta is cultarail far am b’ urrainn do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann tighinn còmhla airson diofar sheòrsaichean de ghnìomhachdan is tachartasan Gàidhlig. Dh’fhaighnich sinn dè cho feumail ’s a bhiodh mòr-ionad do Dhùn Èideann, dè cho tric ’s a chleachdadh daoine mòr-ionad, dè na gnìomhachdan no seirbheisean a bu chòir a bhith air an tabhann, agus dè a dhèanadh mòr-ionad na bu tharraingiche no na bu lugha de tharraing. Lìon 450 daoine agus buidhnean an suirbhidh agus thug iad dhuinn còrr is 30,000 facal de bheachdan is molaidhean – ìre freagairt sgoinneil!
Tha sinn air aithisg ullachadh le toraidhean an t-suirbhidh.
Mòr-ionad Gàidhlig do Dhùn Èideann? Aithisg air suirbhidh coimhearsnachd
A Gaelic Hub for Edinburgh? Report on Community Survey
Tha na toraidhean a’ dearbhadh gu bheil taic air leth làidir ann do mhòr-ionad Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus a’ sealltainn nan cothroman a th’ ann do ionad sùbailteach raon sheirbheisean agus gnìomhachdan a chur air dòigh gus taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig anns a’ bhaile.
Thuirt 85.4% den luchd-fhreagairt gum biodh mòr-ionad Gàidhlig glè chudromach do choimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann, agus 9.4% a bharrachd gum biodh e caran feumail.
Tha an suirbhidh a’ comharrachadh na slighe air adhart gu bhith a’ stèidheachadh mòr-ionad Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus bidh am mion-fhiosrachadh a fhuair sinn anns an t-suirbhidh air leth feumail agus sinn a’ toirt na h-iomairt air adhart.
Ma tha sibh airson a dhol an sàs anns an iomairt no taic a chumail rithe, air neo airson pàirt a ghabhail anns na tachartasan agus gnìomhachdan a tha sinn a’ cur air dòigh gus gluasad a dh’ionnsaigh mòr-ionad Gàidhlig, nach cuir sibh brath thugainn, gabh ballrachd (a tha saor ’s an-asgaidh!) no cuiribh ur n-ainm ris an liosta sgaoilidh againn



