Rach an sàs

[English version]

Chan urrainn dhuinn adhartas a dhèanamh san oidhirp airson Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann às ur n-aonais. Tha iomadh dòigh ann air an urrainn dhuibh taic a thoirt dhan iomairt:

Ballrachd

Tha ballrachd an-asgaidh, agus tha i fosgailte do dhuine sam bith le Gàidhlig, no a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus a tha còrr is 16 bliadhna dh’aois. Ma tha sibh airson a bhith nur ball den bhuidheann, lionaibh an t-iarrtas
gu h-ìosal agus cuiribh e dhan t-seòladh air an fhoirm.

Foirm ballrachd

Liosta sgaoilidh

Clàraichibh dhan liosta-sgaoilidh againn airson faighinn a-mach mu thachartasan Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann agus mu leasachadh an iomairt againn gus Mòr-ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann.

Clàraichibh an seo

Saor-thoilich

Dh’fhaodadh seo toirt a-steach cuideachadh aig tachartasan an Ionaid, taic le togail-airgid, taic airson cùisean ealanta agus cùisean conaltraidh, sgilean ionmhais no sgilean a thaobh gnìomhachas a thoirt dhuinn – agus iomadh rud eile!

Barrachd fiosrachaidh

Thoir tabhartas dhan iomairt

Tha duilleag Crowdfunder againn airson tabhartasan gus taic a thoirt do obair Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann – taic le bhith a’ cur air dòigh raon tachartasan Gàidhlig ann an Dùn Èideann san àm ri teachd agus a’ togail airgead gus àite fhaighinn air màl no a cheannach airson mòr-ionad Gàidhlig sa bhaile.

Bidh sinn fada nur comain airson tabhartasan sam bith, beag no mòr!

Thoir tabhartas

Cuir fios thugainn

Ma tha sibh airson a dhol an sàs anns an iomairt no taic a chumail rithe, air neo airson pàirt a ghabhail anns na tachartasan agus gnìomhachdan againn us gluasad a dh’ionnsaigh mòr-ionad Gàidhlig, nach cuir sibh fios thugainn.

Cuir brath thugainn