Tha Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann a’ sireadh Oifigear Leasachaidh a thoirt air adhart obair planaidh a dh’ionnsaigh stèidheachadh ‘mòr-ionad’ Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Bidh seo a’ gabhail a-steach cur air dòigh agus libhrigeadh thachartasan do choimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann, conaltradh le buidhnean Gàidhlig agus luchd-maoineachaidh agus sanasachadh agus brosnachadh obair Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann.
Ceann-latha airson iarrtasan Diluain 10 Lùnastal aig 5f.
Tha an obair seo air a maoineachadh gu ìre le Bòrd na Gàidhlig.
