’S e Scottish Charitable Incorporated Organisation (SCIO) a th’ ann an Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, leis an aireamh-clàraidh SC050169.
Tha ochdnar air a’ bhòrd stiùiridh:
Rob Dunbar, Pàdraig MacAoidh, Mata MacÌomhair, Dòmhnall MacLeòid, Ruaraidh Iain MacLeòid, Wilson MacLeòid (cathraiche), Ann Paterson agus Gill Turner.
Tha sinn air taic fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus Oifigear Leasachaidh fhastadh airson an iomairt a thoirt air adhart. ‘S i Sarah Scott an t-Oifigear Leasachaidh againn.
Tha ballrachd fosgailte do dhuine sam bith le Gàidhlig, no a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, a tha còrr is 16 bliadhna dh’aois.
