Mòr-ionadan cànain

[English version]

Dè a th’ ann am mòr-ionad cànain? Dè dh’fhaodadh mòr-ionad cànain dèanamh airson coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus ciamar a dh’obraicheadh ​​e? Faodar mòran fhreagairtean a thoirt dha na ceistean sin, ach is cinnteach gun urrainn dhuinn tòrr ionnsachadh bho na diofar sheòrsaichean mòr-ionadan a tha a’ ruith mar-thà ann an Èirinn agus anns a’ Chuimrigh, a bharrachd air na mòr-ionadan Gàidhlig eile ann an Alba.

Anns na bhideothan goirid seo, dh’iarr sinn air riochdairean ceithir buidhnean, trì dhiubh ann an Alba agus aon dhiubh ann an Èirinn, innse dhuinn mu na dh’fhiosraich iad ann a bhith a’ leasachadh nam mòr-ionadan aca agus mu na planaichean aca airson an ama ri teachd:

Cultarlann Inbhir Nis, Inbhir Nis [tar-sgrìobhadh]

An Taigh Cèilidh, Steòrnabhagh [tar-sgrìobhadh]

An Lòchran, Glaschu [tar-sgrìobhadh]

Aonach Mhacha, Armagh [tar-sgrìobhadh]

Barrachd fiosrachaidh

Tha an taisbeanadh PowerPoint seo bho Latha Mòr na Gàidhlig san Ògmhios 2024 a’ toirt dhuibh barrachd fiosrachaidh mu eachdraidh na h-iomairt aig Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann.