Tha sinn ag amas air Ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann, ionad a bhiodh na dhachaigh agus na àite-cruinneachaidh do luchd na Gàidhlig ann am prìomh bhaile na h-Alba. Tha a leithid de dh’àite a dhìth airson daoine bhon choimhearsnachd Ghàidhlig a tharraing ri chèile:
luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus ar n-òigridh. Bhiodh e cuideachd na àite airson cànan is cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh do mhuinntir a’ bhaile agus dha na sluaghan mòra de luchd-turais a thig a Dhùn Èideann a h-uile bliadhna.
Ged a tha còrr is 4,500 luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a rèir cunntas-sluaigh 2022, tha iad sgapte air feadh a’ bhaile agus chan eil ionad ann airson gnìomhachdan agus tachartasan Gàidhlig far an gabh an cànan a chleachdadh ann an àrainneachd neo-fhoirmeil. Thathas a’ faireachdainn a’ bheàrn seo airson ùine mhòr agus a-nis tha fìor chothrom againn cùisean a thoirt air adhart.
