Ceum air adhart do dh’ionad Gàidhlig ann an Dùn Eideann

Published by

on

Fhuair a’ bhuidheann coimhearsnachd air cùl na h-iomairt ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann taic-airgid a leigeas leis an oifigear leasachaidh aca barrachd obrach a dhèanamh, am measg eile.

Thug Bòrd na Gàidhlig £84,000 gu Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann mar phàirt de sgeama nan Oifigearan Gàidhlig aca.

Thèid uairean an oifigeir leasachaidh, Sarah Scott, a leudachadh.

Tha i ag ràdh gun do rinn iad “fìor adhartas sa dà bhliadhna mu dheireadh a’ toirt fàs air a’ choimhearsnachd Ghàidhlig sa bhaile agus a’ toirt chothroman ùra a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh”.

Thuirt i: “Bidh am maoineachadh seo air leth cudromach a thaobh a bhith a’ leigeil leinn barrachd thachartasan a chur air dòigh agus gluasad nas fhaisge air ionad maireannach a bhith againn.”

A rèir a’ chunntais-shluaigh mu dheireadh, tha còrr agus 10,000 duine ann an Dùn Èideann le sgilean sa Ghàidhlig ach chan eil àite far an tig iad còmhla.

Rinn Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann suirbhidh ann an 2024 a fhuair na ceudan de fhreagairtean agus a dhearbh gun robh taic mhòr airson leithid de ghoireas.

Thuirt cathraiche na buidhne, Wilson MacLeòid: “Bhiodh hub Gàidhlig ann an Dùn Èideann a’ toirt luchd-labhairt còmhla agus bhiodh e a’ taisbeanadh a’ chànain dhan mhòr-shluagh.”

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu obair Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann an seo.

https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/cj6ywp7n42wo

Leave a comment