Tha taic ‘làidir’ ann airson ionad coimhearsnachd Gàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann.
Sin a rèir na buidhne Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, ‘s iad air toraidhean fhoillseachadh bho shuirbhidh a bha iad a’ ruith eadar an t-Ògmhios agus an t-Sultain am-bliadhna.
Dh’innis 85.4% de dhaoine a ghabh pàirt anns an t-suirbhidh gum biodh ionad Gàidhlig ‘uabhasach cudromach’ do choimhearsneachd Ghàidhlig Dhùn Èideann.
Ghabh 444 neach pàirt anns an t-suirbhidh còmhla ri còig buidhnean.


Leave a comment