Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann “a rèir miann an t-sluaigh”

Published by

on

Tha an fheadhainn a tha air cùl plana gus ionad Gàidhlig a stèidheachadh an Dùn Èideann ag ràdh gu bheil na bhiodh ann gu mòr a rèir miann an t-sluaigh.

Thathas a’ sireadh bheachdan mun chùis an-dràsta is suirbhidh coimhearsnachd gus dùnadh an ath-sheachdain.

Nochd planaichean airson ionad a bhiodh na dhachaigh is na àite-cruinneachaidh do luchd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann an toiseach bho chionn grunn bhliadhnaichean.

https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/crmwgzxnz0xo

Leave a comment