Tha a’ bhuidheann Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann ag ràdh gu bheil iad ag amas air momentum a thogail anns na mìosan ri thighinn san iomairt airson àite-cruinneachaidh fhaighinn do Ghàidheil a’ bhaile.
Chuir iad fhèin, Capital Gaelic agus Oilthigh Dhùn Èideann ionad “pop-up” air dòigh mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig ‘s iad airson sealltainn dhan choimhearsnachd cò ris a bhiodh ionad Gàidhlig coltach.

